CÒ SINN?
Daibhidh R. MacIllFhinnein - giotàr agus seinn
Calum Rothach - Bucas, seinn
Daibhidh Boag - Fidheal, seinn
Tormod MacArtair - Pìob, bass, seinn
Some reviews....na chaidh a ràdh mar deidhinn
Scotland on Sunday - Norman Chalmers - The Blue Men of the Minch
From The Scotsman - Iseabal T NicCoinnich - An Treas Tarraing review
"One of the best Gaelic Cds released this year...natural and Gaidhealach.....sometimes you feel the boys are singing in the same room as you....many folk would be happy getting it in their stocking from Santa"
"'S e An Treas Tarraing aig Meantime (WWCB003) fear de na CDaichean ùra Gàidhlig a b' fheàrr a chòrd rium de na nochd am-bliadhna. Bidh mòran eòlach air muinntir a' chòmhlain seo - Daibhidh Boag, Calum Rothach, Tormod MacArtair agus Daibhidh R MacIllFhinnein.
'S e òrain ùra, mòran dhiubh le buill a' chòmhlain, as motha a th' air an CD, agus tha iad sin glè eadar-dhealaichte a-thaobh cumaidh agus cuspair. Cluinnear mar eisimpleir an tàladh grìnn Leanaibh Òig le Daibhidh R, òran-gaòil breagha dhen ainm Cunntas air do Bhòidhchead a rinn Calum, agus Na Gàidheil ann am Basra, òran le Tormod, far an cluinnear beachdan gu math làidir air mar a chaidh saighdearan Gàidhealach a chleachdadh tro na lìnntean.
Cluinnear seinn air an CD seo a tha nàdarra agus Gàidhealach. Fairichidh tu aig amannan gu bheil na balaich a' seinn gu beò anns an aon seomar riut, seach air claradh a rinneadh ann an stiuidio. Eatarra, cluichdidh iad mòran de dh'ionnstramaidean, 's cluinnear deagh chuid dhiubh anns na sreathan de phuirt.
'Nam measg tha puirt air son Schottische a tha air leth aighearrach, agus dà chaismeachd 6/8, The Sweet Maid of Mull agus Dr J G Hunter of Aultbea. Se CD a tha seo a bhiodh iomadh neach toilichte fhaighinn 'na stocainn air Là na Nollaige."
It looks like you don't have flash player installed. Click here to go to Macromedia download page.